Dùrachdan à Slèite

Tha mi a' fuireach ann an Slèite a-nis. Tha mi a' fuireach comhla ri ban-charaid ann an Kilmore agus bidh obair agam aig an t-Sabhal Mhòr. Bha turas fada agam. Chaidh mi bho Chologne gu Zeebrugge an 18mh Faoillteach agus ghabh mi an aiseag aig 6 uairean feasgar. Ràinig mi Dun Eideann aig aon uair deug an ath latha agus dhraibh mi suas tron Ghaidhealtachd dhan Eilean Sgitheanach. Bha mi aig dà cheilidh mar thà agus thèid mi dhan choisir Ghàidhlig comhla ri Ùna a-nochd. Tha mi cho sunndach a bhith a' fuireach an-seo agus tha mi cinnteach gun còrd sin rium an-seo. Bhiodh e snog coinneachadh ri cuid dhiubh uaireigin.

Chì mi sibh

Gluasadh a dh'Alba

Tha mi cho trang na làiithean seo. Bha mi air saor-làithean anns an Fhionnlainn airson seachdainn. Cha robh dad sam bith a' tachairt an-siud ach nuair a thill mi dhachaidh thoisich an cabhag.

Thèid mi a dh'Alba an ath sheachdainn (tha mi a' fuireach anns a' Ghearmailt an-dràsda) agus chan eil dùil agam tilleadh. Tha mi air a bhith ag iarraidh sin a dhèanamh airson bhliadhnaichean ach bha agam ri dhol dhan oilthigh airson cuid bhliadhnaichean an toiseach. Tha mi deiseil a-nis agus tha mi deiseil airson falbh. Tha mi deònach a dhol ach a-nis, seachdainn mus dh'fhalbhas (???) mi tha mi a' faireachdainn neònach. Tha mi a' fàgail a h-uile caraid, mo theaghlach agus a h-uile sian. Tha fios agam gum faic mi cuid dhaibh a-rithist ann an Alba no anns a' Ghearmailt, ach tha fios agam cuideachd gu bheil mòran ann nach fhaic mi a-rithist a chaoidh tuilleadh

Uill agus tha mi ag iarraidh fuireach anns na h-eileanan siar o chionn's gu bheil mi ag iarraidh Gàidhlig timcheal orm. Ach chan eil mi eòlach air duine sam bith ann. Cha bhi sin furasda. Chan eil obair no taigh agam fhathast agus chì mi am faigh mi na dhà.

(Bu toigh leam ceartachadh airson na sgrìobh mi)