càr ùr

Tha càr ùr agam agus tha mo cho pròiseil :-)Cheannaich mi e ann an Cumbria oir tha caraid agam a' reic chàraichean agus fhuair mi deagh bhargain. 's e Ford KA a th'ann agus chan eil e ach 3 bliadhna a dh'aois. Tha e dubh-ghorm, an dath as fheàrr leam. Tha e beag agus luath.

Chaidh mi sios do Shasain Oidhche Haoine comhla ri Caoimhin bhon cholaiste. Bha latha snog agam ann an Cumbria Disathairtne agus cheannaich mi an càr Didomhnaich. Cha robh mi cleachdte idir ri draibheadh ann an càr le stìuradh làimh dheas. Bha agam ri beagan practice fhaighinn an toiseach agus bha mi uabhasach faisg air iomall an rathadh gu tric ach dh'fhàs mi cleachdte ris an dràibheadh gu luath. Chaidh mi suas seachad air Cathair Luail agus chaidh mi do Phenicuik. Bha mi a' fuireach ann am Penicuik cuid bliadhnaichean air ais agus bha mi ag iarraidh tadhail air daoine ann a shin. Bha iad cho laghach agus crìdheil dhomh agus bha mi a' faireachdainn mar nach biodh mi air bhith air falbh idir. Dh'fhuirich mi anns na Pùballan (Peebles) airson na h-oidhche oir tha caraidean laghach agam an-sin cuideachd.

An latha na màireach bha cabhag orm oir bha mi ag obair aig 3 uairean feasgar anns an Eilean Sgitheanach. Cha do dh'fhalbh mi gu leth uair as dèidh 9 agus as dèidh domh stad airson na butha mòire faisg air Penicuik bha i leth uair as dèidh 10 agus dhraibh mi gu luath airson a bhith air ais aig 3 airson na h-obrach. Chòrd an cuairt rium glan oir tha na beanntan cho brèagha air an t-slighe gun Tuath. Gu mi-fhortanach bhris mo s..... (windscreen wipers) agus bha mi glè fheargach o chionn's gun d'fhuair mi an càr dìreach an latha roimhe. Uill agus chan fhaca mi dad. Bha sin air leth dona oir bha mi ann an cabhag. Bha mi a' draibheadh mar amadain ach bha e spòrseil gu leòr :-) Ràinig mi an Sabhal Mòr aig 5 mionaidean as dèidh 3.

Bha mi anns a' gharaids ann am Port Rìgh an-diugh agus tha na s..... ag obrachadh a-rithist.

0 Comments:

Post a Comment

<< Home