Dùrachdan à Slèite

Tha mi a' fuireach ann an Slèite a-nis. Tha mi a' fuireach comhla ri ban-charaid ann an Kilmore agus bidh obair agam aig an t-Sabhal Mhòr. Bha turas fada agam. Chaidh mi bho Chologne gu Zeebrugge an 18mh Faoillteach agus ghabh mi an aiseag aig 6 uairean feasgar. Ràinig mi Dun Eideann aig aon uair deug an ath latha agus dhraibh mi suas tron Ghaidhealtachd dhan Eilean Sgitheanach. Bha mi aig dà cheilidh mar thà agus thèid mi dhan choisir Ghàidhlig comhla ri Ùna a-nochd. Tha mi cho sunndach a bhith a' fuireach an-seo agus tha mi cinnteach gun còrd sin rium an-seo. Bhiodh e snog coinneachadh ri cuid dhiubh uaireigin.

Chì mi sibh

1 Comments:

Blogger mona said...

tha mi cho toilichte air do shon, a bhan-charaid chòir. agus tha e feumail gu bheil thu faisg air an eadar-lìon, hehe :)
chì mi thu a dh' aithghearr co-dhiù, oir thig mi air saor-laithean aig toiseach a' mhàirt... :)
mona

3:05 pm  

Post a Comment

<< Home