smuaintean as t-fhoghar

A Chairdean,
Tha mi toilichte gun leugh sibh an sgudal agam. Mar sin sgrìobhaidh mi barrachd sgudail air ur son ;-)

Tha mi cho toilichte gu bheil am foghar cho brèagha am bliadhna. Chan eil dealbhan agam ach tha na craobhan mar òr agus tha deagh thìde againn gach latha. Thachair rudeigin uabhasach dhomh Latha na Sàbaid ach tha am foghar seo gam chuideachadh nach fairich mi cho dona.

Obh, agus bu choir dhomh ionnsachadh fad an latha o chionn's gum bidh deuchainn cudhromach agam ann an 4 seachdainnean. Ach tha mi ro leisg. Feumaidh mi sgeulachdan victorianach agus bàrdachd ùr Albannach ionnsachadh agus cha toigh leam litreachas idir. Uill chan eil bàrdachd dona idir ach chan eil mi ag iarraidh mòran a leughadh mu dheidhinn nan dàn ach dìreach na dàn fhèin. Tha mi a'déanamh cànanachas cuideachd agus tha sin inntinneach ach tha mi seachd sgith de gach nì ceangailte ri oilthigh is mar sin chaneil mi ag iarraidh dad sam bith ionnsachadh ach Gàidhlig. Agus bu toigh leam harry Potter a leughadh seach sgeulachdan victorianach. Chan eil na sgeulachdan cho dona ach tha eagal orm nach urrainn dhomh mòran a radh mu an deidhinn anns an deuchainn.

Mòran taing airson an sgudal seo a leughadh. Faodaidh sibh ceartachadh a thoirt dhomh cuideachd ;)

Blogair ùr

Seallaibh, tha blog agam a-nis cuideachd. Cha robh fios agam dè th'ann am blog seachdainn air ais agus a-nis tha mi ann. Chan eil càil a dh'fhios agam co aig a tha ùidh an sgudal agam a leugahdh ach tha e snog cothrom eile fhaighinn sgrìobhadh 'sa Ghàidhlig.

Tha mi'n dòchas beachdan a leughadh an-seo cuideachd.
Chì mi sibh