Cuidichibh mi! Blog grod.

Rinn mi rudan ùr air a' bhlog agam agus 's toigh leam na dàthan a-nis. Ach carson a tha "Mu mo dheidhinn" agus na ceanglaichean fo na blogaichean ach chan eil ri an taobh? Tha sin a' coimhead uabhasach! Cuidichibh mi!

dathan ùra is gnothaichean ùra

Oh, bha mi cho leisg. Thachair mòran 'sna seachdainean sa chaidh ach bha mi ro leisg sin a sgrìobhadh sios an-seo.
An toiseach bha mi ann am Mallorca airson seachdainn. Cha robh i cho blath ('s ann an Sabhain a bha sin!) ach ghabh mi mòran fois agus shreap mi air cuid bheann. Chòrd an t-eilean rium gu mòr. Bha mi ann an àite glè shnàmhach san tuath an eilein far nach eil mòran daoine co-dhiù. Bu lugha orm Palma agus na h-àiteachan mu'n cuairt ged tha.
An uairsin bha mi anns an Eilbheis airson 6 làithean. Bha mi ann an Zurich a' taghal ri ban-charaid agus an uairsin ann am baile beag anns an Jura aig piuthair m'athar. Ghabh mi mòran fois an-diud o chionn's nach robh dad ann ri dhèanamh. Leugh mi mòran agus choimhead mi air filmichean.
Nuair a thill mi dhachaidh chunnaic mi gu bheil an Nollaig a' tighinn gu luath agus thoisich mi tiodhlagan a cheannachd. Cha toigh leam sin idir idir. 'S toigh leam craobh na Nollaige ged tha agus tha mi toilichte gu bheil an teaghlach gu lèir an-seo a-nis.
Thoisich mi am blog agam atharrachadh beag air bheag ach chan eil mi toilichte fhathast. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil làrach-lìn àbhaisteach mòran nas fhasa ri thogail na blogaichean.
Uill feumaidh mi sgioblachadh is glanadh a-nis o chionn's gu bheil daoine a' tighinn an-diugh agus feumaidh mi paipear a chùr mun cuairt nan tiodhlagan fhathast.
Nollaig chridheil dhuibh uile agus tha mi'n dòchas gum bidh fèis sitheil is spòrsail agaibh.