Dùbhlachd dubh

Abair droch shìde! Tha i stoirmeil agus fliuch, no bog-fhliuch agus dorch fad na h-ùine. Ach 's e oidhche bhrèagha a bh' ann a-raoir. Bha a' ghealach làn agus chòisich mi dhan chlas Ghearmailtis agam ann an solas na gealaich. Cha robh feum agam air solas eile idir. Co-dhiù, tha an taigh agam a' fàs blàth a-nis agus tha e uabhasach comhfhurtail. Bidh an teine ('s e Bruce an t-ainm a tha air) a' gabhail gu sunndach leis a' ghaoith sin. Rinn mi aran Gearmailteach a bhon-dè agus nì mi mòran còcaireachd. Bha mi ag ionndrainn sin nuair a bha mi a' fuireach aig a' cholaiste.
Tha obair ùr agam cuideachd. tha mi ag obair an an ionad-fhàilte na colaiste a-nis. Uill, seo leth-sgeul. Bidh mi ann dà latha na seachdaine agus 3 làithean sa chidsin fhathast. Ach chì sinn dè thachras. Is dòcha gum bidh mi ann làn-ùine a dh'aithgheàrr.