Coiseachd anns na Beanntan Dearga a' Chuiltheinn

Abair latha a-rithist! Chunnaic mi air fo-shealladh na sìde gum biodh latha brèagha againn an-diugh. Nuair a dhuisg mi ruith mi sios an rathad airson Rob fhaighinn agus dh'fhaighnich mi an tèid e dhan na beanntan comhla rium. Dhràibh sinn do Shlìgeachan agus choisich sinn tro Gleann Slìgeachan airson greis. Bha i uabhasach fluich ach bha a' ghrian a' dearrsach gu blath. Choisich sinn seachad air Beinn Dhearg ged a bha sinn ag iarrraidh a sreap. Ach cha robh slighe ri faicinn. Thòisich sinn sreap mun cuairt agus suas Chiche na Beinne Deirge gus an do ràinig sinn am Mullach. Bha beagan bidh againn aig bealach beag eadair dà mhullach gus am bidh ar neart air ais airson an ath mhullaich. Bha e gu math cas ach snog agus nuair a ràinig sinn Beinn Dearg Mheadhonach bha sealladh brèagha againn air a' Chuiltheannn dhubh agus dhearg agus air na gleanntan agus a' mhuir mun cuairt. Ach cha robh sinn ann cho fada oir bha Beinn Dearg Mhòr romhainn agus bha i cho brèagha gun robh sinn ag iarraidh dol ann cho luath agus a ghabhas. Bha e gasda dol sios. Bha an t-slighe gasda agus furasda. Bhruidhinn sinn mu dheidhinn chànanachas air ar rathad suas :-) Sin dithis glic a' coiseachd comhla ;-) Bha e gu math cruaith dol suas a-rithist oir bha Beinn Dearg Mhòr gu math cas. Ach bha e gasta nuair a ràinig sinn am mullach. Bha sealladh air leth àlainn againn agus thog mi mòran dhealbhan air a' mhullach. Shuidh sinn sios air creag agus bha sgòn le ìm agus silidh agam agus ùgh seòclaid. Tha gaol agam air biadh air mullach beinne. Uill chunnaic sinn gun robh Glamaid, a' bheinn a bha dùil againn ri sreap an toiseach, gu math fada air falbh agus uabhasach àrd cuideachd agus cha robh an t-aonach a' leanntainn dhan bheinn sin idir. Bha sinn air coiseachd airson cuid uairean mar thà, mar sin chaidh sinn sios air sgaird cas gu Beallach na Sgairde. Bha e uabhasach cas ach bha spòrs mòr againn a bhith a' sgìtheadh sios air a' sgaird Choisich sinn air ais air taobh Ghlamaig air feur, fraoch agus ri taobh abhainn bhrèagha. Thog mi dealbh mìorbhallach de'n Chuiltheann agus an abhainn ann an solus feasgair. Ràinig sinn mo chàr aig leth uair an dèidh 6 agus bha sinn gu math sgith ach uabhasach sunndach. Agus aig a' colaiste bha dìnear a' feitheamh oirnn anns a' frids. Bha cupa tì le bainne agus siucair (cha ghabh mi siucair mar as àbhaist) agus ar dìnear gasta againn. Bha latha cho àraidh againn gu dearbh :-)

Slèite

0 Comments:

Post a Comment

<< Home