Taigh ùr

Tha taigh ùr agam a-nis anns an Eilean Sgitheanach. Bha mi a' fuireach aig SMO gu ruige seo ach fhuair mi taigh air mhàl anns a' Chille Mhòir a-nis. 'S e taigh tradaisteanta a th' ann le teine gual. Tha e gu math fuar ach tha sinn a' fàs cleachdte ris agus a' fàs nas fheàrr air teine a dhèanamh. Tha mi a' fuireach còmhla ri tè òg às a' Ghearmailt agus bidh i daonnan fuar. Ach tha an taigh a' còrdadh rinn glè mhath agus 's urrainn dhuinn coiseachd dhan cholaiste. Tha gàrradh againn cuideachd agus cuiridh mi lusan agus dìtheannan as t-samhradh gu cinnteach. Tha mi air fiodh a chruinneachadh mar thà ach tha e ro fhliuch arson an teine an-dràsta. Feumaidh sinn dealbhan a thogail dhen taigh fhathast.

0 Comments:

Post a Comment

<< Home