Sgeulachd coiseachd

Bha mi a' coiseachd a-rithist an-raoir. Bha mi uabhasach leisg agus chan fhaca mi gu leth uair an dèidh 7 gu bheil i a' fàs soilleir agus tioram taobh a-muigh. Dhraibh mi sios dhan Aird agus bha mi a' coiseachd gu math luath oir bha i cho anmoch mar thà. Ruith mi beagan aig amannan agus bha mi glè thoilichte a bhith taobh. Bha an talmh glè fhliuch. Thuirt mi feasgar math ris na bà agus na caoraich le an uain a bha a ruith agus a' leum mu'n cuairt agus chunnaic mi mu shia feidh. Bha òran Gàidhlig a' cluich nam cheann agus dh'fhàs mi nas ciùine. Bha mi rud beag troimhe cheile, a' smaoineachadh cus agus bha na smaoinntean a' siubhail mun cuairt agus mun cuairt nam cheann. Cha do stad sin ach dh'fhàs mi nas ciùine agus bha mi glè shona a bhith leam fhìn anns an tìr cho brèagha agus cho sàmhach. Cha robh ach crònan an uillt agus seidseadh na gaoithe ri (an) cluinntinn. Bha mi fhathast a' coiseachd gu math luath ged a ràinig mi am frith-rathad beag agus bog. Cha do ràinig mi an cnoc mu dheireadh ann an Slèite far an tèid mi cho tric airson dol-fodha na grèine fhaicinn. Dh'fhalbh a' ghrian anns a' cheò os cionn na mara agus bha solas blath air an tìr air fad. Bha sgothan beaga dearga os mo chionn. Shuidh mi sios air creag le sealladh brèagha air a' Chuiltheann agus air taobh eile an cladach beag geal as toil leam cho mòr. Bha mi nam shuidhe an sin airson greis ag èisteachd ris a' ghaoith agus na tonnan agus bha mi a' faireachdainn air mo dhòigh leam fhìn. Air an rathad air ais choisich mi beagan mun cuairt a lorg rathad sios dhan traigh. Ach tha na creagan gu math cas agus bha i fluich agus mi nam aonar.... ach fhuair mi slighe bheag mu dheiradh thall, choisich mi dhan mhuir. Chòrd e rium gu mòr gun robh mi leam fhìn leis a' ghainmhich agus crònan nan tonn. Thàinig tonn mòr agus chuir e a ghairdean timcheall air mo chasan agus bha gaol cho mòr aige air mo chasan gun tàinig e nam bhrog. Bha mo bhòg làn uisge ach bha mi coma. Bha mi dìreach cho toilichte. Dh'fhàs e dorch agus thàinig orm tilleadh. Ràinig mi an slighe mòr trath gu leòr agus choisich mi air ais dhan chàr airson leth uair a thìde leis an oidhche a' nochdadh. Dh'fhàs e gu math dorch ach bha an slighe ri faicinn ceart gu leòr. Thill mi aig 10 uairean. Abair oidhche!

Tapadh leibh airson sin a leughadh.
Beannachd leibh

Slèite

0 Comments:

Post a Comment

<< Home