Cuidichibh mi! Blog grod.

Rinn mi rudan ùr air a' bhlog agam agus 's toigh leam na dàthan a-nis. Ach carson a tha "Mu mo dheidhinn" agus na ceanglaichean fo na blogaichean ach chan eil ri an taobh? Tha sin a' coimhead uabhasach! Cuidichibh mi!

3 Comments:

Blogger Graisg said...

Air adhbhar air choireigin tha na dealbhan ro mhòr shleite – ‘s e iadsan a tha a’ putadh a h-uile càil eile a-mach as an rathad. Cuir iad a-steach a rithist ach dean iad nas lugha. Tha cothrom ann gum biodh sin ag obrachadh saoilidh mi ach chan eil mi cinnteach. Chuir thusa a-steach iad bhon làrach-lin agad nach do chuir Janni? Chan eil feum sam bith air sin a-nis air blogger. Chuir iad a-steach le blogger bhon an disc cruaidh agad dìreach tro ‘browse’ ann an ‘Edit’ nuair a chuireas tu air an ‘icon’ dealbh.
Agus mar sin tha mi an dòchas gum bi do blog snog a-rithist:-)

12:50 am  
Blogger mona said...

hmm, is coltach gu bheil a h-uile rud ceart gu leòr a-rithist a-nis, ged nach eil dealbh ann. an toir thu sùil air an template agam-sa airson faicinn ciamar a rinn mi sin... feumaidh tu dealbh beag, tha graisg ceart. chleachd mi an dealbh bhon bhòrd-brath againn, tha e dìreach ceart (100 x 100 pixel).
mona

12:53 pm  
Blogger Slèite said...

Tapadh leibh. Tha mo bhlog snog a-nis. :-)

11:51 pm  

Post a Comment

<< Home