Blath Bheinn ?

'S e latha dheth agam a bh'ann an-diugh agus chan bhi latha dheth agam a-maireach. Mar sin bha mi a' smaoineachadh: feumaidh mi rudeigin snog a dhèanamh gum bi an latha a' faireachdan nas fhaide. 's toil leam coiseachd anns na beanntan àrda gu mòr agus tha càr ùr agam a-nis. Mar sin shaoil mi gun tèid mi airson coiseachd. Aig àm na bracaiste thuirt Kirsten, tè de na h-oileanaich, gum bu toil leatha dol comhla rium. Cha robh mi cinnteach an robh dha-rìreamh, oir 's e a chiad latha den Ghiblean a th'ann agus tha cuid dhaoine ag radh rudan craicte. Co-dhiu, nochd i gu dearbh air aon uair deug agus dhraibh sinn air rathad Ealagol. Thoisich sinn coiseachd agus cha robh an t-sìde snog idir. Bha na sgothan anns na beanntan agus bha dùil again sreap air Blabheinn. Tha an t-slìghe gu math mòr agus chan eil trioblaid sam bith ann a lorg (as dèidh beagan trioblaid an toiseach bhon làrach pàrcaidh ;-) Bha mòran uisge anns an allt ri taobh na slìghe agus bha e doirbh faighinn tarsainn. Nuair a ràinig sin lochan beag far an toisich an sreap thachair sinn ri dithis fear´agus lean sinn iad suas. Bha an t-sìde a' fàs nas miosa agus chaidh sinn suas ann an sgoth. Cha b'urrainn dhuinn faicinn idir càite an rachamaid. Ghabh sinn beagan fois, biadh agus uisge agus chaidh an dithis eile air adhart. Mu dheireadh thall thill ar neart agus b'urrainn dhuinn coiseachd air adhart. Cha robh sinn làn neart idir oir cha robh sinn air a bhith air beinn ceart airson mìosan no bliadhnaichean. Uill, bha an dithist air falbh agus dh'fheuch sinn an ceumanan a leantain ach bha sin doirbh. Bha beagan sneachda air a' bheinn agus ceò tiùgh. Cha robh càil a dh'fhios againn càite an rachadamaid. 'S lugha orm dol air ais gun a'mhullach a ruigsin. Ach gu fòrtanach bha mi air a' mhullach sin roimhe. Mar sin cha robh e cho uabhasach cudthromach dhomh. Cha robh sgeul air an dithis eile agus bha sinn beagan air chall. Mu dheireadh thall thionndaidh sinn. Bha sinn fuar agus fluich co-dhiu agus cha robh e coltach gun ruigeamaid am mullach co-dhiu. Air an t-slìghe sios bhruidhinn sinn mu dheidhinn fhrasan tetha agus cupanan tì. Ràinig sinn abhainn a bha doirbh ri faighinn tarsainn. Cha mhòr nach do thuit mi innte. Ach bha mi fluich co-dhiu. Nuair a ràinig sinn an Ath Leathann cheannaich mi peatrol agus gu nàdurrach, nuair a ràinig sinn an t-Sabhal Mhòr, ghabh mi fras teth fada agus cupa tì. Tha an adhar soilleir a-nis, tha a' ghrian a' deàrsadh agus tha mi cinnteach gu bheil am mullach ud gun sgoth a-nis.

0 Comments:

Post a Comment

<< Home