Coiseachd anns an Eilean

Tha fios agaibh, tha mi a' fuireach ann an Slèite anns an Eilean Sgitheanach a-nis. Tha mo phiuthair an-seo an-dràsda agus chaidh sinn air cuairt air an eilean an-diugh. Dhraibh sinn suas dhan Chuithearaing agus choisich sin bhon àite pàircidh anns an Cuithearaing tro na beanntan (no dè th'annta) gu'n rathad eadar Flodaidhgaraidh agus Stafainn. Tha an t-slìghe gu math soilleir agus furasda ri coiseachd. Ach chaidh sinn rud beag air chall aon turas nuair a dh'fhàg sinn e o chionn's nach robh e cho uabhasach soilleir agus shreap sinn suas air creagan. Bha e spòrsail gu leòr ach thàinig oirnn dol air ais. Bha an t-sìde glè mhath cuideachd. Bha i grianach agus blath. Thog sinn cuid dhealbhan, ach chan eil iad agam fhathast. Choisich sinn an-sin mu 2 uair a thìde agus an uairsin air ais air an rathad. Bha sinn fortanach agus fhuair sinn lioft air ais dhan chàr airson dà mhìle. Thuirt Mona gum bu chòir dhomh coiseachd ann agus bha e brèagha gu dearbh. 's toigh leam na creagan is beanntan a tha ann o chionn 's gu bheil cruth iongantach aca uile. Tha mi cinnteach gu bheil sidhichean a' fuireach ann cuideachd.

1 Comments:

Blogger mona said...

Tha mi toilichte a leughadh gun deach sibh ann! :-) Tha an t-àite sin gu math iongantach is annasach gu dearbh, nach eil? Gach turas a bhitheas mi ann, bidh mi a' faireachdainn mar gum bitheadh cuideigin no rudeigin a' coimhead orm, a' toirt sùil orm air mo shlighe... chan eil sin dona, ach neònach. Tha na beanntann ìs creagan sin gu math làidir is sònraichte.
Mona

9:53 pm  

Post a Comment

<< Home