Slèite is na cait

A charaidean,
Tha mi uabhasach brònach an-diugh. Bha cat brèagha, milis, òg agus àlainn agam. Cha robh i ach 8 miosan a dh'aois. Bha i gu math cridheil agus bu toigh leatha gu mòr cadal nam leabaidh. Dh'falbh i gach oidhche airson cadal air a' chathair agus thill i 'sa mhadainn nuair a thoisich an radio agam a chluich airson dùisgeadh. An uairsin bha i na laighe air mo bhroinn no ri taobh mo chinn agus bha an dithis againn sunndach. Bha i gu math fiathaich cuideachd. Bu toigh leatha blàr a dhèanamh comhla rium agus bha mo làmhan daonnan goirt de na fiaclan agus spògan biorrach aice. Ach bu toigh leam sin ann an dòigh agus bha gaol uabhasach mòr agam oirre. Bha i aig an taigh gu tric agus bha àm fiathaich aice gach latha nuair a bha sinn ag ithe.


Ruith i tro'n t-seòmar gu luath, ann is air ais, leum i air a h-uile rud agus mhill i na flùraichean mo mhàthar. Ach cha b'fheudar telebhisean nuair a bha i ann. Bha gu leòr ann airson coimhead is gàireachdainn.


Bha i air leth milis madainn Diardaoin. Bha i san leabaidh m'athar an-toiseach agus thàing i dhan leabaidh agam-sa an uairsin. Cha robh i ag iarraidh falbh idir agus rinn i crònan gu làidir. Bu mhath leam feitheamh san leabaidh fad na maidne ach bha agam ri ionnsachadh agus dh'èirich mi. Bha mi aig an oilthigh agus nuair a bha mi airson biadh a thoirt gu Svea aig 6 uairean, cha robh i ann. 'S abhaist dha feitheamh airson bìdh aig 5 uairean agus bha e gu math neònach nach robh i ri faicinn. Uill, thèid cait air falbh airson cuid uairean bho àm gu àm agus bha i air falbh airson dà latha roimhe. Ach cha do nochd i nas motha an ath mhadainn agus thoisich sin dragh a chur oirnn. Cha robh mi ag iarraidh smaoineachadh dè thachradh ach cha do chadail mi gu math air an oidhche idir. Madainn an-diugh, nuair nach robh i air ais fhathast, rinn mi sanais le dealbh airson a chur air gach àite anns an t-sràid againn. 's dòcha gun do thug cuideigin leotha i agus tha i na suidhe air an sofa aca gu sunndach a-nis... Ach nuair a dh'fhaighnich mo mhàthair de na nàbaidhean thàinig e a-mach: chaidh a marbhadh le càr Diardaoin.



Tha mi cho brònach agus cho truagh. Bha gaol cho mòr agam oirre agus cha robh i ach òg. Bha i gu math gòrach fad na h-ùine. Bha i daonnan na suidhe air an t-sràid agus cha robh i a' gluasadh nuair a thàinig car. Cha do leig sinn a-mach i air taobh na sràide ach b'fhaodar i dhol a-mach 'sa ghàrradh agus an uairsin chaidh i dhan t-sràid co-dhiù. Chan eil i againn fhathast a-nis. Thuirt an nàbaidh gun do thug am boireannach sa chàr leatha i agus bha i glè dhuilich.

Bha cat againn roimhpe agus chaidh a marbhadh le càr cuideachd nuair a bha i 2 bhliadhna a dh'aois. Bha cat eile againn roimhpe a chaochail an dèigh sia bliadhna deug. Bha e beagan nas glice.

Agus a-nis, tha sinn gun chat a-rithist agus chall mi ban-charaid chridheil.

3 Comments:

Blogger mona said...

tha mi gun fhacal a ràdh, a bhan-charaid chòir :'( tha mi cho duilich. bu toigh leam svea cuideachd, bha i cho milis nuair a bha i a' coiseachd air mo dhruim nuair a bha mi nam chadal anns an t-seòmar agad.
:(
mona

10:39 pm  
Blogger Graisg said...

Je suis desolé pour toi Janni, ‘s bochd sin gu dearbh.

12:32 pm  
Blogger Ceud mac Magach said...

Obh, a Shlèite, tha mi chooo duilich sin a chluintinn. Chaill thu caraid beag caomh àlainn ceart gu leòr. Chan eil leigheas dhuit idir ach gu bheil agad fios dè thachair leatha.

(S) xxx

Den.

11:43 pm  

Post a Comment

<< Home