breisleach càir

Chan eil a h-uile rud cho math. Bha càr agam gu ruige seo. Ach thàinig mo phiuthair às a' Ghearmailt airson a thoirt dhachaidh leatha. Bha dùil agam gum faigh mi càr eile. Tha caraid aig caraid agam a' reic càraichean ann an Sasainn a Tuath agus bha deagh chàr aige dhomh. Mar sin bha dùil agam siubhal comhla ri mo phiuthair do Dhun Eideann agus bhiodh ise a' gabhail am bàt-aiseag dhachaidh agus mise a' siubhal sios a Shasainn. Deagh bheachd, nach e? Ach cha tig cuisean mar a thogras sinn. Cha robh an càr math mu dheireadh thall agus thuirt mo charaid nach fhaigh mi e agus gum feuch e càr eile fhaighinn dhomh. Fhuair e càr ach bha e dearg agus bha e a' smaoineachadh nach toigh leam dearg. Ach tha mi coma mu'n dath! Ach a-nis tha an càr air reic. Cha d'fhuair e càr eile gu an-diugh agus thàinig air mo phiuthair falbh airson am bàt-aiseag fhaighinn. Tha 4 làithean dheth agam a-nis ach chan eil càr ann ri fhaighinn. :-( Nuair a bhios càr aige mu dheireadh thall feumaidh mi 3 làithean eile a ghabhail agus chan eil mi cho toilichte mu dheidhinn sin oir cha bhi an ceann-àrd toilichte iidr :-(

1 Comments:

Blogger mona said...

Is bochd nach deach sin gu math, a bhan-charaid :-( Ach tha mi cinnteach gum bi càr snog agad a dh' aithghearr. Cò aig a tha fios, is dòcha nach bitheadh an càr dearg ud cho math.

9:38 pm  

Post a Comment

<< Home