Caraidean

Tha mi ag obair cus an-dràsta. Bha latha dheth agam Disathairne agus tha mi air a bhith ag obair bho Dhidomhnaich agus bidh mi fhathast ag obair gu Diciadainn gun latha dheth. Ach an uairsin thèid mi air saor-làithean dhan na Hearadh agus a Leòdhas.

Tha e gu tùr eadar-dhealaichte an seo a-nis oir tha na h-oileanaich air falbh agus tha cùrsaichean goirid ann. Bidh mi a' bruidhinn ri Alasdair à Leòdhas gu tric oir tha Gàidhlig uabhasach brèagha aige. Thachair mi ri dithis as aithne dhomh bhon bhòrd-bhrath eadar-naiseanta, Niall Beag agus Cam. Ach bidh an ath sheachdain fiu 's nas fheàrr. Thàinig Ruairidh an-dè agus ghabh sinn dìnnear comhla. Chaidh sinn dhan taigh-sheinnse comhla a-raoir. Thig Judith agus Silke cuideachd agus thig Inge Didomhnaich. Tha mi a' dèanamh fiughair ris a h-uile duine fhaicinn a-rithist.

0 Comments:

Post a Comment

<< Home