Callanish Stoned

Chunnaic mi cleas (??) a-nochd aig an t-Sabhal Mhòr. Bha buidhean cluiche à Leòdhas an-seo agus chluich iad "Callanish Stoned" Tha e a' cluich ann an Leòdhas agus tha e mu dheidhinn òigridh an eilein. Tha na daoine a' cluich uabhasach math gu dearbh. Bu toigh leam gu h-àraidh a' mhàthair a rinn ùrnaighean gu Dia fad na h-ùine. Chuir e iongnadh dhomh ciamar a rinn i sin cho math, cho làidir agus cho èibhinn gun ghàire a dhèanamh. Bu toigh leam an dòigh bruidhinn aice cuideachd. Uabhasach math dha rìreamh!

Mar sin, ma tha Callanish Stoned a' tighinn don bhaile agaibh, rachaibh ann! Tha e dìreach sgoineil!

1 Comments:

Blogger mona said...

Grmpf... chluich iad ann an Leòdhas an deireadh-seachdaine 'sa chaidh, ach chan fhaca mi an sanas ach Di-Luain nuair a bha mi a' falbh. Bha mi beagan mi-thoilichte, oir bu toigh leam sin fhaicinn. A-rèir coltais tha e air sgrìobhadh le Kevin MacNeacail agus is toigh leam am bàrdachd aige.
Mona

7:37 am  

Post a Comment

<< Home