Coiseachd ann an Slèite

Abair latha brèagha a th'ann an seo an-diugh! Bha mi ag obair bho 8 gu leth uair as dèidh 10 agus feumaidh mi tilleadh aig 4. Ach bha ùine gu leòr agam beagan a choiseachd. Tha i grianach an-diugh agus chan eil i ro fhuar. Dhraibh mi sìos gu Aird airson coiseachd do Rubha Shlèite. Thàinig Rob comhla rium. Tha esan ag obair anns a' chidsin cuideachd agus tha deagh Ghàidhlig aige. 's toil leam gu mòr e co-dhiù. Choisich sinn sios don traigh bhig le gainmheach geal agus uisge uaine-ghorm. Thog mi mu dheich dealbhan agus bha sinn nar suidhe air clach airson greiseig.An uairson bha sinn a' sreap air adhart air na creagana dh'ionnsaidh (??) an taigh-sholais. Chòrd sin rium glan oir tha mi uabhasach measail air sreap. 's fheàrr leam sreap na coiseachd (??) Nuair a ràinig sinn an taigh-solais shuidh sinn sìos air na creagan agus bha sinn a' coimhead air a' mhuir agus air na h-eileanan Eigg agus Ruma. Tha an t-sneachda fhathast air na beanntan agus tha sin a' coimhead air leth brèagha leis a' mhuir ghorm. Bu mhath leam fuireach an-sin airson ùine beagan nas fhaide ach gu mi-fhortanach feumaidh mi tilleadh dhan obair. Thàinig sinn air ais dìreach trath gu leòr airson cupa tì agus beagan fois a ghabhail.

Le deagh dhùrachdan agus gaol
bho Shlèite

0 Comments:

Post a comment

<< Home