dathan ùra is gnothaichean ùra

Oh, bha mi cho leisg. Thachair mòran 'sna seachdainean sa chaidh ach bha mi ro leisg sin a sgrìobhadh sios an-seo.
An toiseach bha mi ann am Mallorca airson seachdainn. Cha robh i cho blath ('s ann an Sabhain a bha sin!) ach ghabh mi mòran fois agus shreap mi air cuid bheann. Chòrd an t-eilean rium gu mòr. Bha mi ann an àite glè shnàmhach san tuath an eilein far nach eil mòran daoine co-dhiù. Bu lugha orm Palma agus na h-àiteachan mu'n cuairt ged tha.
An uairsin bha mi anns an Eilbheis airson 6 làithean. Bha mi ann an Zurich a' taghal ri ban-charaid agus an uairsin ann am baile beag anns an Jura aig piuthair m'athar. Ghabh mi mòran fois an-diud o chionn's nach robh dad ann ri dhèanamh. Leugh mi mòran agus choimhead mi air filmichean.
Nuair a thill mi dhachaidh chunnaic mi gu bheil an Nollaig a' tighinn gu luath agus thoisich mi tiodhlagan a cheannachd. Cha toigh leam sin idir idir. 'S toigh leam craobh na Nollaige ged tha agus tha mi toilichte gu bheil an teaghlach gu lèir an-seo a-nis.
Thoisich mi am blog agam atharrachadh beag air bheag ach chan eil mi toilichte fhathast. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil làrach-lìn àbhaisteach mòran nas fhasa ri thogail na blogaichean.
Uill feumaidh mi sgioblachadh is glanadh a-nis o chionn's gu bheil daoine a' tighinn an-diugh agus feumaidh mi paipear a chùr mun cuairt nan tiodhlagan fhathast.
Nollaig chridheil dhuibh uile agus tha mi'n dòchas gum bidh fèis sitheil is spòrsail agaibh.

1 Comments:

Blogger mona said...

nach snog a tha an dath ùr! is toigh leam sin. bha an dubh beagan ru chruaidh, agus tha an dath ùr dorch cuideachd, ach ann an dòigh nas ailne :)

agus seall air na ceann-laithean is tiotalan, nach snog iad anns a' ghàidhlig... hehe 8-)

:-P nollaig chridheil dhut, a bhan-charaid... bidh sinn air falbh an-dèidh greis, bha sinn trang le tiodhlacan fhathast 'sa mhadainn an-diugh... feumaidh mi sgeulachd èibhinn innse uaireign mu andreas agus na tiodhlacan, haha. tha gàidhlig glè fheumail, nach eil? ;)
mona

1:03 pm  

Post a Comment

<< Home