Gleann Comhainn

Bha mi ann an Gleann Comhainn aig an deireadh-sheachdaine airson coiseachd agus sreap. Chaidh mi còmhla ri Rob mo charaid agus dh'fhuirich sinn air làrach-campaidh ann an Ceann Loch Leabhainn. Disathairne dh'eirich sinn glè thrath oir bha sinn air dùsgadh co-dhiù, agus chaidh sinn do Bhuachaille Eite Mòr agus choisich sinn agus sreap sinn (gun ropa) suas bhon Tuath. 's e latha brèagha a bh'ann agus bha a' ghrian a' dearsadh gu teth. Chuir mi mòran òla grèine orm agus cha d'fhuair mi donn idir. Ghabh sinn biadh air "Crowberry Tower" agus chaidh sinn don mhullach. Bu toil leam na munros a dhèanamh agus mar sin thàinig oirnn dol air adhart dhan mhullach eile. Bha sin gu math fada air falbh agus bha sinn searbh sgith nuair a ràinig sinn e. Chaidh sinn sios tron ghleann, ghabh sinn bath anns an abhainn agus dh'òl sinn bhon bhurn oir bha sinn glè thioram. Bha sinn a' faireachdainn mòran na b'fheàrr as dèidh sin, mar air ar n-ath-nuadhachadh. Nuair a ràinig sinn an càr, thog mi dealbhan de'n bheinn agus dhraibh sinn dhan Ghearasdan airson iasg agus sliseagan. Fhuair sinn àite campaidh uabhasach àlainn ann an Gleann Nibhis, ri taobh an uillt ann an coirre nam beann, le beagan chraobhan agus bha gaoth gu leòr ann airson na cuilleagan a chumail air falbh. Bha sinn nar n-aonar ann an oidhche shàmhach, chiùin.

Dhuisg sinn mu leth uair an dèidh 8 Didomhnaich agus bha sinn glè ghoirt bhon latha roimhe.Bha Rob ag iarraidh sreap goirid furasda a dhèanamh airson fàs cleachdte ris an stuth (ropa amsaa). B'fheàrr leam-sa sealladh nuair a bhithinn a' sreap agus bha i cho brèagha a-rithist, grianach agus teth. Mar sin choisich sinn suas Beinn Nibhis gu Lochan bheag agus an uairsin mu'n cuairt gu taobh tuath na beinne.. Thoisich sinn sreap Tower Ridge. Gu mi-fhortanach cha robh mi cleachdte ris an stuth idir agus bha sinn uabhasach slaodach. Thàinig oirnn tionndadh agus coiseachd dhan mhullach seach a bhith a' sreap. Gu mi-fhortanach dhìochuimhnich sinn a h-uile biadh againn anns a' chàr ach 4 ubhlan agus aon DoubleDecker. Bha sinn a' fàs beagan lag ach bha Rob ag iarraidh dol don mhullach. Bha mise coma, munro ann no às. Bha mi losgte leis a' ghrèin cuideachd oir dhìochuimhnich mi òla-grèine a chur air mo ghulain an latha roimhe agus bha mo chasan dearg cuideachd. Bha i uabhasach cruaidh dol don mhullach ach rinn sinn an gnothach mu dheireadh thall agus bha sealladh air leth brèagha againn. Cha robh ceò sam bith ann, bha an adhar cho soilleir sa ghabhas. Thog mi tòr dhealbhan agus chaidh sinn sios air rathad an luchd-turais. Bha sinn uabhasach sgith agus lag, bha mo chasan agus mi ghulain goirt leis a' ghrèin, bha mo ghliun goirt bhon choiseachd agus bha mo chasan goirt oir bha bòcain a' fàs orra. Bha mi a' smaoineachadh air biadh fad na h-ùine agus nuair a ràinig sinn an càr mu dheiradh thall dh'ith sinn gach nì a bh'againn. Càise, aran dubh Gearmailteach, aran coirce, càise bog le lusan, raisins, còthan, teoclaid...

Dhràibh sinn air ais gu socair, sgìth agus sgìth agus sgìth. Gu mi-fhortanach bha tubaist le feidh againn air an rathad anns an Eilean Sgitheanach. Chuir sin faileas dona air an deireadh-sheachdaine a bha gu ruige sin dìreach sgoinneil. A-nis tha mi a' faireachdain uabhasach duilich airson na feidhe agus tha mi feargach oir tha e daor an càr a chàradh :(