càr ùr

Tha càr ùr agam agus tha mo cho pròiseil :-)Cheannaich mi e ann an Cumbria oir tha caraid agam a' reic chàraichean agus fhuair mi deagh bhargain. 's e Ford KA a th'ann agus chan eil e ach 3 bliadhna a dh'aois. Tha e dubh-ghorm, an dath as fheàrr leam. Tha e beag agus luath.

Chaidh mi sios do Shasain Oidhche Haoine comhla ri Caoimhin bhon cholaiste. Bha latha snog agam ann an Cumbria Disathairtne agus cheannaich mi an càr Didomhnaich. Cha robh mi cleachdte idir ri draibheadh ann an càr le stìuradh làimh dheas. Bha agam ri beagan practice fhaighinn an toiseach agus bha mi uabhasach faisg air iomall an rathadh gu tric ach dh'fhàs mi cleachdte ris an dràibheadh gu luath. Chaidh mi suas seachad air Cathair Luail agus chaidh mi do Phenicuik. Bha mi a' fuireach ann am Penicuik cuid bliadhnaichean air ais agus bha mi ag iarraidh tadhail air daoine ann a shin. Bha iad cho laghach agus crìdheil dhomh agus bha mi a' faireachdainn mar nach biodh mi air bhith air falbh idir. Dh'fhuirich mi anns na Pùballan (Peebles) airson na h-oidhche oir tha caraidean laghach agam an-sin cuideachd.

An latha na màireach bha cabhag orm oir bha mi ag obair aig 3 uairean feasgar anns an Eilean Sgitheanach. Cha do dh'fhalbh mi gu leth uair as dèidh 9 agus as dèidh domh stad airson na butha mòire faisg air Penicuik bha i leth uair as dèidh 10 agus dhraibh mi gu luath airson a bhith air ais aig 3 airson na h-obrach. Chòrd an cuairt rium glan oir tha na beanntan cho brèagha air an t-slighe gun Tuath. Gu mi-fhortanach bhris mo s..... (windscreen wipers) agus bha mi glè fheargach o chionn's gun d'fhuair mi an càr dìreach an latha roimhe. Uill agus chan fhaca mi dad. Bha sin air leth dona oir bha mi ann an cabhag. Bha mi a' draibheadh mar amadain ach bha e spòrseil gu leòr :-) Ràinig mi an Sabhal Mòr aig 5 mionaidean as dèidh 3.

Bha mi anns a' gharaids ann am Port Rìgh an-diugh agus tha na s..... ag obrachadh a-rithist.

Callanish Stoned

Chunnaic mi cleas (??) a-nochd aig an t-Sabhal Mhòr. Bha buidhean cluiche à Leòdhas an-seo agus chluich iad "Callanish Stoned" Tha e a' cluich ann an Leòdhas agus tha e mu dheidhinn òigridh an eilein. Tha na daoine a' cluich uabhasach math gu dearbh. Bu toigh leam gu h-àraidh a' mhàthair a rinn ùrnaighean gu Dia fad na h-ùine. Chuir e iongnadh dhomh ciamar a rinn i sin cho math, cho làidir agus cho èibhinn gun ghàire a dhèanamh. Bu toigh leam an dòigh bruidhinn aice cuideachd. Uabhasach math dha rìreamh!

Mar sin, ma tha Callanish Stoned a' tighinn don bhaile agaibh, rachaibh ann! Tha e dìreach sgoineil!

breisleach càir

Chan eil a h-uile rud cho math. Bha càr agam gu ruige seo. Ach thàinig mo phiuthair às a' Ghearmailt airson a thoirt dhachaidh leatha. Bha dùil agam gum faigh mi càr eile. Tha caraid aig caraid agam a' reic càraichean ann an Sasainn a Tuath agus bha deagh chàr aige dhomh. Mar sin bha dùil agam siubhal comhla ri mo phiuthair do Dhun Eideann agus bhiodh ise a' gabhail am bàt-aiseag dhachaidh agus mise a' siubhal sios a Shasainn. Deagh bheachd, nach e? Ach cha tig cuisean mar a thogras sinn. Cha robh an càr math mu dheireadh thall agus thuirt mo charaid nach fhaigh mi e agus gum feuch e càr eile fhaighinn dhomh. Fhuair e càr ach bha e dearg agus bha e a' smaoineachadh nach toigh leam dearg. Ach tha mi coma mu'n dath! Ach a-nis tha an càr air reic. Cha d'fhuair e càr eile gu an-diugh agus thàinig air mo phiuthair falbh airson am bàt-aiseag fhaighinn. Tha 4 làithean dheth agam a-nis ach chan eil càr ann ri fhaighinn. :-( Nuair a bhios càr aige mu dheireadh thall feumaidh mi 3 làithean eile a ghabhail agus chan eil mi cho toilichte mu dheidhinn sin oir cha bhi an ceann-àrd toilichte iidr :-(

Coiseachd anns an Eilean

Tha fios agaibh, tha mi a' fuireach ann an Slèite anns an Eilean Sgitheanach a-nis. Tha mo phiuthair an-seo an-dràsda agus chaidh sinn air cuairt air an eilean an-diugh. Dhraibh sinn suas dhan Chuithearaing agus choisich sin bhon àite pàircidh anns an Cuithearaing tro na beanntan (no dè th'annta) gu'n rathad eadar Flodaidhgaraidh agus Stafainn. Tha an t-slìghe gu math soilleir agus furasda ri coiseachd. Ach chaidh sinn rud beag air chall aon turas nuair a dh'fhàg sinn e o chionn's nach robh e cho uabhasach soilleir agus shreap sinn suas air creagan. Bha e spòrsail gu leòr ach thàinig oirnn dol air ais. Bha an t-sìde glè mhath cuideachd. Bha i grianach agus blath. Thog sinn cuid dhealbhan, ach chan eil iad agam fhathast. Choisich sinn an-sin mu 2 uair a thìde agus an uairsin air ais air an rathad. Bha sinn fortanach agus fhuair sinn lioft air ais dhan chàr airson dà mhìle. Thuirt Mona gum bu chòir dhomh coiseachd ann agus bha e brèagha gu dearbh. 's toigh leam na creagan is beanntan a tha ann o chionn 's gu bheil cruth iongantach aca uile. Tha mi cinnteach gu bheil sidhichean a' fuireach ann cuideachd.