deiseil leis an oithigh

Tha mi deiseil. Bha an deuchainn mu dheireadh agam Diciadann an dèidh 6 bliadhna aig an oilthigh. Bha am bliadhna a chaidh uabhasach cruadh agus cha do rinn mi ach ionnsachadh. Agus tha mi deiseil is saor a-nis. Tha "Staatsexamen" agam agus chan fheum mi dhol air ais don oilthigh a chaoidh.
Thoisich mi Beurla is spòrs ionnsachadh as t-fhoghar 1999. Bha mi ann an Alba bho 2001 gu 2002 agus rinn mi 3 semesters an uairsin. An dèidh sin thoisich mi obair airson nan deuchainnean mu dheiradh agus dissertation. Rinn mi deuchainnean ann an spòrs agus pedagogy anns an earrach am bliadhna agus Beurla as t-fhoghar. Mar sin tha mi toilichte gu bheil a h-uile rud crìochnaichte a-nis.
Cha dèan mi dad sam bith a-nis. Choinnich mi ri caraidean an-dè airson cèilidh agus chaidh sinn dhan taigh-dhealbh. Bha mi airson "Wallace & Gromit" fhaicinn airson cuid seachdainnean ach cha robh ùine agam idir. Agus a-nis 's urrainn dhomh a h-uile rud a leughadh a bha mi ag iarraidh seach leabhraichean foghluim an oilthighe. Thèid mi a Mhallorca comhla ri ban-charaid bhon oilthigh Didomhnaich agus air saor làithean anns an Eilbheis anns an Dubhlachd. Tha mi cho toilichte. Chan fheum mi ionnsachadh a-nis, 's urrainn dhomh dèanamh na thogras mi :-)

Slèite is na cait

A charaidean,
Tha mi uabhasach brònach an-diugh. Bha cat brèagha, milis, òg agus àlainn agam. Cha robh i ach 8 miosan a dh'aois. Bha i gu math cridheil agus bu toigh leatha gu mòr cadal nam leabaidh. Dh'falbh i gach oidhche airson cadal air a' chathair agus thill i 'sa mhadainn nuair a thoisich an radio agam a chluich airson dùisgeadh. An uairsin bha i na laighe air mo bhroinn no ri taobh mo chinn agus bha an dithis againn sunndach. Bha i gu math fiathaich cuideachd. Bu toigh leatha blàr a dhèanamh comhla rium agus bha mo làmhan daonnan goirt de na fiaclan agus spògan biorrach aice. Ach bu toigh leam sin ann an dòigh agus bha gaol uabhasach mòr agam oirre. Bha i aig an taigh gu tric agus bha àm fiathaich aice gach latha nuair a bha sinn ag ithe.


Ruith i tro'n t-seòmar gu luath, ann is air ais, leum i air a h-uile rud agus mhill i na flùraichean mo mhàthar. Ach cha b'fheudar telebhisean nuair a bha i ann. Bha gu leòr ann airson coimhead is gàireachdainn.


Bha i air leth milis madainn Diardaoin. Bha i san leabaidh m'athar an-toiseach agus thàing i dhan leabaidh agam-sa an uairsin. Cha robh i ag iarraidh falbh idir agus rinn i crònan gu làidir. Bu mhath leam feitheamh san leabaidh fad na maidne ach bha agam ri ionnsachadh agus dh'èirich mi. Bha mi aig an oilthigh agus nuair a bha mi airson biadh a thoirt gu Svea aig 6 uairean, cha robh i ann. 'S abhaist dha feitheamh airson bìdh aig 5 uairean agus bha e gu math neònach nach robh i ri faicinn. Uill, thèid cait air falbh airson cuid uairean bho àm gu àm agus bha i air falbh airson dà latha roimhe. Ach cha do nochd i nas motha an ath mhadainn agus thoisich sin dragh a chur oirnn. Cha robh mi ag iarraidh smaoineachadh dè thachradh ach cha do chadail mi gu math air an oidhche idir. Madainn an-diugh, nuair nach robh i air ais fhathast, rinn mi sanais le dealbh airson a chur air gach àite anns an t-sràid againn. 's dòcha gun do thug cuideigin leotha i agus tha i na suidhe air an sofa aca gu sunndach a-nis... Ach nuair a dh'fhaighnich mo mhàthair de na nàbaidhean thàinig e a-mach: chaidh a marbhadh le càr Diardaoin.



Tha mi cho brònach agus cho truagh. Bha gaol cho mòr agam oirre agus cha robh i ach òg. Bha i gu math gòrach fad na h-ùine. Bha i daonnan na suidhe air an t-sràid agus cha robh i a' gluasadh nuair a thàinig car. Cha do leig sinn a-mach i air taobh na sràide ach b'fhaodar i dhol a-mach 'sa ghàrradh agus an uairsin chaidh i dhan t-sràid co-dhiù. Chan eil i againn fhathast a-nis. Thuirt an nàbaidh gun do thug am boireannach sa chàr leatha i agus bha i glè dhuilich.

Bha cat againn roimhpe agus chaidh a marbhadh le càr cuideachd nuair a bha i 2 bhliadhna a dh'aois. Bha cat eile againn roimhpe a chaochail an dèigh sia bliadhna deug. Bha e beagan nas glice.

Agus a-nis, tha sinn gun chat a-rithist agus chall mi ban-charaid chridheil.